Mo ghaol, mo ghràdh, is m’eudail thu,
M’ionntas ur is m’eibhneas thu,
Mo mhacan alainn ceutach thu-
Cha’n fhiu mi fhein a bhith ‘ad dhail!
Alleluia, Alleluia, Alleluia, Alleluia.
Ged as leanabh dìblidh thu
Cinnteach Righ s Righ nan Righrean Thu
S Tu’n t-oighre dligheach, fìrinneach
Air rìoghachd Dhe nan gràs
Ged as Righ na Glorach Thu
Dhiult iad an taigh osda dhut
Ach chualas ainglean sòlasach
Toirt glòir don Ti as àird.
Mo ghaol an t-suil a sheallas tlàth
Mo ghaol an cridhe tha lionnt’ le gràdh
Ged as leanabh Thu gun chàil
Is lìonmhor buaidh tha ort a fas.